Nuair Bha Mi Og Lyrics

Lyrics
Moch 's mi'g éirigh air bheagan éislein
Air madainn Chéitein 's mi ann Os
Bha spréidh a' geumnaich an ceann a'chéile
'S a'ghrian boillsgeadh air slios nam beanntan
Cur tuar na h-oidhche 'na dheann fo sgòd
Is os mo chionn sheinn an uiseag ghreannmhor
Toirt 'na mo chuimhne nuair bha mi òg.
Toirt 'na mo chuimhn' iomadh ni a rinn mi
Nach fhaigh mi 'm bann gu ceann thall mo sgeòil
A 'falbh 'sa gheamhradh gu luaidh is bainnsean

Gun solus lainnteir ach ceann an fhòid
Bhiodh òigridh ghreannmhor ri ceòl is dannsa
Ach dh'fhalbh an t-am sin's tha 'n gleann fo bhròn
Bha 'n tobht' aig Anndra 's I Iàn de fheanntaig
Cur 'na mo chuimhne nuair bha mi òg.

Nuair chuir mi cuairt air gach gleann is cruachan
Far 'n robh mi suaimhneach a'cuallach bhò
Le òigridh ghuanach tha nis air fuadach
De shliochd na tuath bha gun uaill gun ghò
Na raoin's na cluaintean fo fhraoch is luachair
Far 'n tric a bhuaineadh leam sguab is dlòth
'S nam faicinn sluagh agus tighean suas annt'
Gum fàsainn suaimhneach mar bha mi òg.
Writer(s): Traditional, Arthur Cormack, Mairi Mhor
Lyrics powered by www.musixmatch.com
Was als nächstes?

Dein Karma steigt mit jedem Klick! Teile den Guru-Link und bring Lyrics in die Welt.

Donnie Munro - Nuair Bha Mi Og
Quelle: Youtube
0:00
0:00